Bochdainn Connaidh

Mar a tha ann an Arcaibh agus Sealtainn, tha bochdainn connaidh na chùis chudromach agus leantainneach thar Innse Gall le 36% de na dachaighean ann am Bochdainn Connaidh agus 24% le fìor bhochdainn connaidh. Is e seo an àireamh as motha ann an Alba agus gu math nas motha na na reataichean cuimseach nàiseanta de 25% agus 12% fa leth. Tha na reataichean àrda de bhochdainn connaidh mar thoradh air a choimeasgadh de theachd-a-steach ìosal, cosgaisean àrda connaidh agus siostaman cumhachd dhachaighean neo-èifeachdach. Tha stoc nan taighean ann an Innse Gall gu mòr mar thaighean a chaidh an togail sna 1920an, 50an agus 70an agus a tha an aghaidh leasachaidhean a thaobh èifeachdas cumhachd no a tha a’ cur feum air ìrean de sheilbheachd a tha nas àrda na buidseatan nam buidhnean a tha ann an-dràsta. Tha a’ ghnàth-shìde spreachail a tha ann an Innse Gall, le cuid de na neartan gaoithe as àrda agus ìrean uisge as àrda san RA, a’ cur gu mòr ri bochdainn connaidh san roinn.

Tha a’ chùis air a deagh aithneachadh san roinn agus thàinig seo suas mar phrìomh obair-gnìomha aig àm pròiseact RIPEET, an uair a thàinig luchd-ùidh cumhachd bho air feadh nan eilean còmhla gus lèirsinn a dhealbh agus planadh airson siostam cumhachd Innse Gall san àm ri teachd. Tha am buidheann ionadail Tighean Innse Gall (TIG) air a bhith a’ tabhann comhairle agus taic mu chumhachd do choimhearsnachdan ionadail airson còrr air 30 bliadhna agus tha iad a’ mairsinn aig teas-mheadhan oidhirpean gus dèiligeadh ri bochdainn cumhachd ann an Innse Gall.

Cùisean Griod

Aig an àm a tha an làthair, tha Innse Gall ceangailte ris a’ Ghriod Nàiseanta le Ceangal Sgaoilidh a tha a’ ruith bhon Ghriod Nàiseanta aig Cille Chuimein chun Eilean Sgitheanaich far a bheil e air a roinn na dhà cheangal fon mhuir, aon a’ frithealadh Leòdhas agus Na Hearadh agus am fear eile a’ frithealadh Uibhist agus Barraigh. Is e prìomh adhbhair a’ Cheangal Sgaoilidh seo dealain a thoirt do dhachaighean agus gnothachasan eileanach agus, leis gu bheil a chomas nas lugha na an t-iarrtas mòr bho na h-eileanan sa gheamhradh, feumaidh ullachadh le dìosail air eilean a bhith air a dhèanamh air Rubha a’ Bhataraidh /Àrnais agus aig Loch a’ Chàrnain gus cur ris na tha ri fhaighinn aig na h-amannan sin de mhòr iarrtais.

Airson iomadh bliadhna a-nis, tha Comhairle nan Eilean Siar, agus grunnan chom-pàirtiche ionadail agus coimeirsealta, air strì mhòr a dhèanamh airson Ceangal Tar-chur gus leasachadh ath-nuadhachail a bharrachd a chomasachadh ann an Innse Gall. Tha an dìth comais às-mhalairt eachdraidheil seo air bacadh mòr a chur air fàs ath-nuadhachail san roinn agus air a bhith na bhacadh mòr air a bhith a’ beairteachadh stòrasan ath-nuadhachail aig ìre an t-saoghail air feadh nan Eilean an Iar. Chaidh siostaman gnìomhach Lìonra Rianachd a sgrùdadh mar mheadhan air a bhith a’ comasachadh leasachadh de ghinealach ùr ro, no an àite, ceangal tar-chur ùr ach chaidh faighinn a-mach nach b’ e fuasgladh iomchaidh a bhiodh ann an seo.

An dèidh coiteachadh seasmhach agus grunnan chonaltraidhean deatamach le Ofgem, An Griod Nàiseanta, agus Ùghdarras Margaidhean Gas agus Cumhachd air 15 Dùbhlachd, dh’fhoillsich OFGEM an Ro-innleachd ‘Accelerated Strategic Transmission Investment’ (ASTI) a bha a’ gabhail a-steach Ceangal Tar-chur 1.8GW eadar Àrnais agus A’ Mhanachain a bha gu bhith air a chrìochnachadh agus ag obair mu 2030. Tha a’ chùis airson Ceangal Tar-chur 1.8GW, a’ gabhail a-steach cùram-roinne mòr 420MW de ghaoth air tìr, agus 1,335MW de ghaoth bhon chladach a bhiodh air an ceangal tron Cheangal Tar-chur. Tha seo a’ comharrachadh leasachadh mòr airson earrann cumhachd Innse Gall agus meudaichidh e gu mòr na bhios na h-eileanan a’ cur ri dì-càrbonachadh. Tha an comas aig na leasachaidhean grunnan obraichean sgileil a stèidheachadh, cothroman trèanaidh agus preantasachd ann am buaidh ath-nuadhachail agus maireannach air coimhearsnachd tro chothroman obrach agus solar sochairean coimhearsnachd.

Cumhachd Coimhearsnachd

Tha earrann cumhachd làidir, gnìomhach agus foirfe ann an Innse Gall le còrr air 23MW de chumhachd air a ghintinn le buidhnean coimhearsnachd thar na roinne bho Leòdhas sa cheann a Tuath gu Barraigh aig Deas. Tha seachd urrasan leasachaidh coimhearsnachd air pròiseactan cruinn-gaoithe a leasachadh gu soirbheachail a tha a’ cur còrr air £2 millean gach bliadhna ri pròiseactan coimhearsnachd ionadail agus ri eaconamaidhean. Taobh ri taobh ris na pròiseactan sin a tha a’ gintinn maoin tha grunnan choimhearsnachdan air togalaichean coimhearsnachd seasmhach a leasachadh no air taic a thoirt do thaigheadas ionadail le comhairle agus taic cumhachd taighe.

Tha an obair seo air Innse Gall a stèidheachadh mar a bhith mar cheannard nàiseanta a thaobh cumhachd coimhearsnachd agus tha na buill aca air na dh’ionnsaich iad a cho-roinn agus air stiùir a thoirt do dh’iomadh buidheann air feadh Alba agus an Rìoghachd Aonaichte. Tha iomadh buidheann coimhearsnachd a’ leantainn orra a’ dol an sàs ann an leasachadh cumhachd air feadh nan Eilean Siar le bhith a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan aca ann am planadh agus leasachadh ro-innleachd agus a’ sgrùdadh phròiseactan cumhachd ùra ùr-ghnàthasach san roinn.